Fo-Ionadan Ionnsachadh Proifeiseanta

Bidh an t-Ionad Sàr-Mhathais ann an Teagasg ag obrachadh tro lìonra nàiseanta de Fo-ionadan Ionnsachadh Phroifeiseanta air feadh Alba. Thèid na trì prìomh fo-ionadan roinneil an gnìomh san Lùnastal 2025, le trì fo-ionadan cuspaireil, a’ togail air builean ar suirbhidh nàiseanta, gan cur air bhog bhon Fhaoilleach 2026.

Le chèile, cuiridh na fo-ionadan seo co-obrachadh roinneil an comas, agus aig an aon àm cuiridh iad ri prògram nàiseanta de theagasg proifeiseanta a tha bonntaichte air rannsachadh a chaidh a stiùireadh le tidsearan.

Cuiridh gach fo-ionad taic ri:

  • Ionnsachadh proifeiseanta agus feòrachadh dreuchdail a tha freagairt air an sgìre
  • Coimhearsnachdan cleachdaidh cuspaireil
  • Cothroman do thidsearan a dhol an sàs ann an rannsachadh agus ann an conaltradh ri chèile

’S ann aig ìre dealbhachaidh agus leasachaidh a tha sinn an-dràsta, le toiseach-tòiseachaidh gnìomhachd nam fo-ionadan san Lùnastal 2025, agus tachartasan co-obrachaidh nàiseanta a’ dol chun Mhàirt 2026.

Cumaidh sinn fios ribh mu na fo-ionadan, agus ciamar a thèid sibh an sàs san obair aca, tron làrach-lìn agus air na meadhanan sòisealta againn.

Prìomh Fo-ionadan

Prìomh Fo-ionad Rannsachaidh le aire air Teagaisg

Tha am Prìomh Fo-ionad Rannsachaidh le aire air Teagaisg ri lorg ann an Sgoil Fhoghlaim Oilthigh Ghlaschu (Campas Ghilmorehill). Tha e a’ toirt taic do na fo-ionadan eile air fad le bhith a’ cruthachadh stuthan teagaisg, a’ cur ghnìomhachdan an comas, agus a’ toirt taic ro-innleachdail do obair rannsachaidh an ISMT. Tha mion-fhiosrachaidhean rannsachaidh, panailean agus seiseanan fìor-eòlaichean, agus tachartasan, a’ cur cuideam air leasachadh a dhèanamh air, agus taic a thoirt do, chom-pàirteachas chleachdaidhean-rannsachaidh. Tha coimhearsnachdan cleachdaidh gan cur air bhonn gus taic a chur ri obair rannsachaidh thidsearan, tha sgrùdadh luchd-cleachdaidh a’ cur cuideam air dol an sàs ann an rannsachadh, agus a’ cur an comas fiosrachadh agus builean a cho-roinn thairis air na fo-ionadan air fad.

Prìomh Fo-ionad Foghlam Dùthchail agus Ionnsachadh chum Seasmhachd

Tha Prìomh Fo-ionad Foghlam Dùthchail agus Ionnsachadh chum Seasmhachd ri lorg ann an Sgoil Sheasmhachd Sòisealta agus Àrainneachail Oilthigh Ghlaschu (Campas Dhùn Phrìs). Tha e a’ toirt taic aghaidh-ri-aghaidh agus didsiteach dha tidsearan ann an sgìrean dùthchail na h-Alba gus a dhol an sàs ann an rannsachadh agus a chleachdadh tro sgrùdadh neach-cleachdaidh, coimhearsnachdan cleachdaidh agus com-pàirteachas cleachdaidhean-rannsachaidh. Thèid podcastan, oideachaidhean-lìn, blogan thidsearan agus deasbadan panail a chleachdadh gus builean rannsachaidh agus cleachdaidhean ùr-ghnàthach ann am foghlam dùthchail agus Ionnsachadh chum Seasmhachd a sgaoileadh. Tha am fo-ionad a’ strì gus dèanamh cinnteach gu bheil obair an Ionaid so-ruigsinn agus freagarrach dha tidsearan a tha ag obair ann an suidheachaidhean dùthchail agus eileanach.

Prìomh Fo-ionad Foghlam Gàidhlig

Tha am Fo-ionad Foghlam na Gàidhlig ri lorg ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, agus tha e a’ toirt taic - aghaidh ri-aghaidh agus air-loidhne - agus gnìomhachd a tha bonntaichte air rannsachadh do thidsearan air feadh na h-Alba a tha ag obair ann am foghlam Gàidhlig. Le cuideam air rannsachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta a thaobh foghlam bogaidh, bidh mion-fhiosrachadh rannsachaidh, coimhearsnachdan cleachdaidh, còmhraidhean proifeiseanta agus com-pàirteachas rannsachaidh gan tabhann, a’ cur taic ri pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh le luchd-cleachdaidh agus fianais a sgaoileadh am measg luchd-dreuchd eile gus builean foghlam Gàidhlig a thoirt am feabhas. Tha am fo-ionad cuideachd ga dhèanamh nas fhasa faighinn gu stuthan ann an Gàidhlig ceangailte ri rannsachadh a thèid a chruthachadh leis na fo-ionadan eile.